Elige una pista para reproducir
Gun shaoil leam nuair a choinnich sinn
'S tu cèilidh air do chàirdean
Gu robh thu eadar dhealaichte
Is uasal na do nàdur
B' inntinneach do chonaltradh
Am briathran socair càilear
'S bu taitneach a bhi ag èisdeachd riut
Gu fonnmhor 'g aithris bàrdachd
O hi ò o hi ò
O hi ò hug eileadh
O hi ò o hi ò
Gur fada sinn bho chèile
Carson carson nach robh e 'n dàn?
Carson nach d' rinn sinn rèite?
An dìomhaireachd ar freasdal
Sin a' cheisd a bhios gam lèireadh
Ach 's dìomhainn a bhith meòrachadh
Gu ar cuibhrionn fhèin gun tèid sinn
Oir 's cinnteach tha gach slighe
Air a daigneachadh le seula
O hi ò o hi ò
O hi ò hug eileadh
O hi ò o hi ò
Gur fada sinn bho chèile
Bu chruaidh 's bu ghoirt am falamhachd
Nuair dhealaich sinn ri chèile
Cha robh e anns na rùintean
'S bha cheart cho math bhith rèidh ris'
Tha iomadh là is bliadhn' bho chaidh
A' chaibideil seo a dhùnadh
Bho àm gu àm mu mheadhon oidhch'
Gu fosgail i gun duil ri
O hi ò o hi ò
O hi ò hug eileadh
O hi ò o hi ò
Gur fada sinn bho chèile
O hi ò o hi ò
O hi ò hug eileadh
O hi ò o hi ò
Gur fada sinn bho chèile