Elige una pista para reproducir
Bha mi raoir anns an t-seòmar uaine
Far an tric am biodh na h-uaislean
Ag òl fìon ann 's gun diar 'ga thruailleadh
'S fear a bhàta 'ga chuir mu'n cuairt ann
Fhir a' bhàta, na hò ro éile
Fhir a' bhàta, na hò ro éile
Fhir a' bhàta, na hò ro éile
Mo shoraidh slàn leat gach àite an téid thu
Tha mo chrìdh-sa briste brùite
'S tric na deòiribh a' ruith o'm shùilean
An tig thu nochd no'm bi mo dhùil dhuit
Na'n dùin mi'n doras le osna thùrsaich
Fhir a' bhàta, na hò ro éile
Fhir a' bhàta, na hò ro éile
Fhir a' bhàta, na hò ro éile
Mo shoraidh slàn leat gach àite an téid thu
Tha mo chrìdh-sa tùrsach deurach
Mar eala bhàn an déigh a reubadh
'S i ri tàmh ann a lochan feurlainn
'S càch gu léir 's iad an déigh a tréigsinn
Fhir a' bhàta, na hò ro éile
Fhir a' bhàta, na hò ro éile
Fhir a' bhàta, na hò ro éile
Mo shoraidh slàn leat gach àite an téid thu
'S tha mo ghaol-sa thall air fairge
Fleasgach uallach a' leadain chamalaich
'S mór mo dhùil ri thu thighinn a-nall ás
Mar éirigh gréine air madainn shamhraidh
'S tha mo ghaol-sa taobh thall a' gheata
Lainnir òir e a-muigh air aitreamh
'S fheàrr leam fhìn gum beirinn mac dhuit
'S gun òilte fìon ann an tìm a bhaistidh
Fhir a' bhàta, na hò ro éile
Fhir a' bhàta, na hò ro éile
Fhir a' bhàta, na hò ro éile
Mo shoraidh slàn leat gach àite an téid thu
'S tha mo chrìosan a dol an àirde
Chan ann o fhìdhlear no o thàillear
Ach o stiùireamaich' a' bhàta
Fear a sgrìobhadh 's a leughadh Gàidhlig
Fhir a' bhàta, na hò ro éile
Fhir a' bhàta, na hò ro éile
Fhir a' bhàta, na hò ro éile
Mo shoraidh slàn leat gach àite an téid thu