Elige una pista para reproducir
O hòireannan e horò
Hù hòireann ó 's mi air m' aineol
O hòireannan e horò
Gura mise tha gu truagh dheth
'S luath leam a thàinig an t-earrach
O hòireannan e horò
Hù hòireann ó 's mi air m' aineol
O hòireannan e horò
Mi air m' aineol fad o m' chàirdean
Cha chluinn mo mhàthair mo ghearan
O hòireannan e horò
Hù hòireann ó 's mi air m' aineol
O hòireannan e horò
Mi air m' aineol fad o m' eòlas
Mo ghaol dròbhair a' chruidh-bhainne
O hòireannan e horò
Hù hòireann ó 's mi air m' aineol
O hòireannan e horò
Dham bi an crodh-laoigh sa bhuailidh
Dham bi an crodh ruadh sna gleannan
O hòireannan e horò
Hù hòireann ó 's mi air m' aineol
O hòireannan e horò
Ràna tu mi feadh na h-oidhche
A dh'fhaighneachd an robh mi fallain
Thuirt mi nach robh aona bheud dhomh
Ged bha èislean air m' aire
O hòireannan e horò
Hù hòireann ó 's mi air m' aineol
O hòireannan e horò
Thug thu leat nighean Lachlann Thàilleir
'S dh'fhàg thu mi fo phràmh aig baile
O hòireannan e horò
Hù hòireann ó 's mi air m' aineol
O hòireannan e horò
Chaidh thu còmh' ri Nì 'IlleRiabhaich
Le buaile chiatach chrodh ballach
O hòireannan e horò
Hù hòireann ó 's mi air m' aineol
O hòireannan e horò
Marbhphaisg air fearaibh an t-saoghail
Tha iad caochlaideach nan gealladh
Ge b' e taobh a chuireas gaoth iad
Ma dh'fhaodas iad gheibh iad leannan
O hòireannan e horò
Hù hòireann ó 's mi air m' aineol
O hòireannan e horò
Hù hòireann ó 's mi air m' aineol
O hòireannan e horò