Ciùin an oidhch’ naomh an oidhch’
Saoghal sèimh balbh gun soills’
Moire is Iòsaph a’ chàraid gaoil
Caithris an naoidhean bheannaichte chaomh
Suaint’ ann am fois tha bho Nèamh
Suaint’ ann am fois tha bho Nèamh
Ciùin an oidhch’, naomh an oidhch’
Nochd an reul a b’ àille soills’
Do na cìobairean shuas air a’ bheinn
‘S chualas ainglean le aoibhneas a’ seinn
Crìosd ar Fear-saoraidh a th’ ann
Crìosd ar Fear-saoraidh a th’ ann.
Ciùin an oidhch’ naomh an oidhch’
Aoin Mhic Dhè ‘s àille loinn
Gràdh a’ dòrtadh oirnn bho do ghnùis
Aoibhneach an uair is Tu còmhnaidh rinn dlùth
Fàilte do ‘r Slànaighear caoin
Fàilte do ‘r Slànaighear caoin
Ciùin an oidhch’ naomh an oidhch’
Saoghal sèimh balbh gun soills’
Moire is Iòsaph a’ chàraid gaoil
Caithris an naoidhean bheannaichte chaomh
Suaint’ ann am fois tha bho Nèamh
Suaint’ ann am fois tha bho Nèamh