Оберіть трек для відтворення
Mo cheist air Pèidse Fir Ròdhaig
An t-òganach boidheach smearail
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
Ogha nan tighearnan uasal
Gam biodh na cruachan 's na teanail
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
Rinn mi 'n cadal beag a-raoir leat
B' e siud 'n caoibhneas bu mhath leam
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
'S tric a rinn mi 'n cadal dìomhair
Le òigear nam mìogshuil meallach
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
Nist' o rinn mo chriosan èirigh
Chan urrainn mi fhèin ga theannadh
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
Calpa cruinn an t-siubhail eutrom
Cha lùbadh tu feur no gaineamh
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
Troigh chuimir an stocainn bhàinghil
Dhìreadh a' bheinn àrd gun anail
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
Ghabh thu seachad orm Didòmhnaich
'S chuir sin dòltramachd air m' aire
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
Shaoil mi nach robh thu cho gòrach
'S gun creideadh tu còmhradh balaich
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
Mo cheist air nighean donn na buaile
'S ann leam fhìn nach b' fhuathach d' fhaicinn
'S tric a rinn mi 'n cadal sàmhach
Leat am bàthach a' chruidh bhainne
Mo làmh fo d' cheann 's mi riut sìnte
'S an t' eil' air do chìochaibh geala
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
Tric a bha mi riut a' sùgradh
Anns na geugan dlùtha barraich
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
Brollach geal mun dig an sìoda
Gruaidh mhìn-dearg fon ghlan sealladh
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
O cha tug 's cha toir mi fuath dhut
Gus am fuaighear mi san anart
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
'S gun cuir iad sa chiste chaoil mi
'n dèis na saoir a bhith ga barradh
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
Gus an tèid na saoir gam ghiùlain
Gu eaglais nan tùra geala
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
Mo cheist air Pèidse Fir Ròdhaig
An t-òganach boidheach smearail
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh
È ho libh ò, ro hoireann ò
È ho libh ò, hò ro ghealladh