Оберіть трек для відтворення
Thàinig naidheachd Là na Sàbaid
Hoireann ùbhill i ò
Ag iarraidh oirre dhol thar sàile
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
Bliadhnaichean bho dh'fhàg e 'm baile
Hoireann ùbhill i ò
'S e nise deiseil bean a ghabhail
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
Trì cheud air a ceann mar tochair
Hoireann ùbhill i ò
Dh'fhàg i a dh'ionnsaigh beatha shocair
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
Ach air dhi Adelaide a ruighinn
Hoireann ùbhill i ò
'S gann gun d' dh'aithnich i a luran
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
"Thig cuide riumsa nis gun mhaille
Hoireann ùbhill i ò
Mus tig an tuil gun fhios, gun aire."
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
'S air a' chapall ghabh iad astar
Hoireann ùbhill i ò
Gus an d' ruig iad drochaid fhada
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
Beul na h-oidhche nis a' teannadh
Hoireann ùbhill i ò
An uair a dh'fhàs a shùilean carach
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
Ruig e oirr' mar eilid mharbh
Hoireann ùbhill i ò
'S shad e i don uisge gharbh
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
"Nach tu bha faoin, nach tu bha gòrach
Hoireann ùbhill i ò
A' toirt do làimh do dhuine coimheach"
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
Gùn na sràcan 's air a lathadh
Hoireann ùbhill i ò
Dh'fhalaich i an uamh bheag fhalamh
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
Chuir i ceann ri cluasag charrach
Hoireann ùbhill i ò
Gus an cuala i guthan magach
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
Dh'fhuirich i na tàmh san uaimh
Hoireann ùbhill i ò
Gus an tug an daorach buaidh
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
Thog i ultach òir na basan
Hoireann ùbhill i ò
Is thug i leatha luaths a casan
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
Nach e bha faoin, nach e bha gòrach
Hoireann ùbhill i ò
'S e a-nis gu h-àrd air crann a' crochadh
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò
O hao ri rì o
Hoireann ùbhill i ò